Faodaidh daoine a tha a’ cleachdadh goireas cultarail Albannach anns a bheil pailteas de stuth a chruinnich luchd-rannsachaidh Dhùn Èideann barrachd feum is tlachd fhaighinn às. Image Read in English Chaidh an clàr air-loidhne sònraichte seo de bheul-aithris na h-Alba a leasachadh gus am bi stuth tasglainn nas fhasa a ruigsinn agus nas fhasa a chleachdadh. Tha ùrachadh Tobar an Dualchais / Kist o Riches a’ gabhail a-steach dealbhan agus ìomhaighean de phrìomh chom-pàirtichean agus luchd-cruinnichidh. Tha feartan ùra a’ gabhail a-steach tar-sgrìobhaidhean de chuid de na stuthan Gàidhlig gus am bi na clàraidhean rim faighinn gu ìre nas fharsainge, gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh agus luchd-rannsachaidh Gàidhlig. Nuair a chaidh Tobar an Dualchais a chur air dòigh san Dùbhlachd 2010, bha 10,000 clàraidhean rim faighinn. Bhon uair sin tha an còig uiread de stuth air a dhol air an làraich-lìn. Stuthan fìor luachmhor Tha na stuthan a’ gabhail a-steach òrain, sgeulachdan, cleachdaidhean, traidiseanan agus creideasan, air an clàradh bho na 1930an air adhart agus le clàraidhean ann an Gàidhlig, Scots agus Beurla. Tha na mìltean de nithean air an làraich a chaidh a chlàradh airson Tasglannan Sgoil Eòlais na h-Alba ann an Dùn Èideann. Tha stuthan ann cuideachd bhon tasglann aig BBC Radio nan Gàidheal agus bho Chruinneachadh Tasglann Fuaim Chanaigh. A bharrachd air ùrachadh na làraich-lìn, tha Oilthigh Dhùn Èideann air pròiseact eile a lìbhrigeadh gus dàta Tobar an Dualchais a ghluasad chun an àrd-ùrlair tasglann eadar-nàiseanta, ArchivesSpace. Cuidichidh an gluasad gus dèanamh cinnteach gum bi cothrom air-loidhne air na clàraidhean agus air an dàta co-cheangailte riutha fad iomadh bliadhna ri thighinn. Taic ro-chudromach Rinneadh an obair seo le taic maoineachaidh bho Bhòrd na Gàidhlig, buidheann le taic bhon Riaghaltas, leis an dleastanas a bhith a’ brosnachadh a’ chànain. A rèir Daryl Green, Ceannard Cruinneachaidhean Sònraichte an Oilthigh, tha an co-obrachadh le Tobar an Dualchais fìor chudromach gu cultarach. Thuirt e: “Tha an làrach ùr na pàirt chudromach den cho-amas againn a bhith a’ glèidheadh is a’ brosnachadh cànanan agus cultaran na h-Alba dhan luchd-èisteachd as motha ’s a ghabhas.” Tha Stiùiriche Tobar an Dualchais, Flòraidh Forrest, fìor thoilichte gu bheil an goireas a-nis beò: “Tha sinn an dòchas gun tarraing an làrach ath-leasaichte luchd-cleachdaidh ùr do na clàran luachmhor seo agus gum bi an làrach-lìn nas fheàrr dhaibhsan a tha eòlach air na goireasan aice mar-thà.” Ceanglaichean co-cheangailte Tobar an Dualchais/Kist o Riches Ceiltis is Eòlas na h-Alba, Oilthigh Dhùn Èideann Publication date 25 Jun, 2021